Gobaireachd Ghàidhlig

(for advanced learners and native speakers)

Bidh buidheann bheag againn a' tighinn cruinn uair 'sa' mhìos ann an Sydney airson beagan gobaireachd gu tur anns a' Ghàidhlig.

Bidh sinn a' coinneachadh air an dara oidhche Chiadain den mhìos aig taigh-òsda 'Orient' aig Circular Quay aig cairteal gu sia.

Tha sinn an dùil a bhith nar suidhe a-muigh. Leanaibh fuaim na Gàidhlig agus lorgaidh sibh sinn!

Bhiodh sinn toilichte ur faicinn uair sam bith.

Airson a bhith cinnteach fònaibh Aonghas air 0404 075 726.